Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 5:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil:

Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:

Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh.

Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.

Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth.

Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.

Agus fhreagair iad a chèile ann am moladh, agus ann an tabhairt buidheachais don Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, nuair a mhol iad an Tighearna, a chionn gun do leagadh bunait taigh an Tighearna.

Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith-buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean.

Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn.

Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Molaibh e le fuaim trompaid; molaibh e le saltair agus le clàrsaich.

Molaibh e le ciombalan fonnmhor; molaibh e le ciombalan àrd-fhuaimneach.

Asadsa dh’earb ar n‑athraichean; dh’earb iad agus shaor thu iad.

Glacaibh salm, agus thugaibh tiompan leibh; a’ chlàrsach bhinn maille ris an t‑saltair.

Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.

Togaidh do luchd-faire an guth; len guth nì iad iolach le chèile; oir chì iad aghaidh ri aghaidh, nuair a bheir an Tighearna Sion air a h‑ais.

Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus aon slighe, a‑chum gum bi m’eagal-sa gu bràth orra, a‑chum an leas fhèin, agus leas an cloinne nan dèidh.

Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca.

A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.

Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd-san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan