Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus chluich Daibhidh agus Israel uile am fianais Dhè len uile neart, eadhon le laoidhean, agus le clàrsaichean, agus le saltairean, agus le tiompanan, agus le ciombalan, agus le trompaidean.

Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed-edom agus Iehiah nan luchd-gleidhidh doras na h‑àirce.

Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd-ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear-seinn, am measg an luchd-ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt.

Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar;

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear-ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil,

Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea,

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

Agus sheas na Lèbhithich le innealan Dhaibhidh, agus na sagartan leis na trompaidean.

Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.

Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha.

Labhair Dia nan dia, Iehòbhah, agus ghairm e an talamh o èirigh gu ruig laighe grèine.

Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte.

Dh’imich an luchd-seinn air thoiseach, an luchd-ciùil nan dèidh, am meadhon mhaighdeann a’ bualadh thiompan.

A Thighearna, a Dhè mo shlàinte, a là agus a dh’oidhche ghlaodh mi ad fhianais.

Air inneal-ciùil nan deich teud agus air an t‑saltair, air a’ chlàrsaich le fuaim fhonnmhoir àird.

Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.

Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan