Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh (oir naomhaicheadh na sagartan uile a bha an làthair: cha robh iad a’ feitheamh anns an àm sin a rèir an roinnean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Uime sin naomhaich na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, a thabhairt suas àirc an Tighearna Dia Israeil.

Agus chruinnich iad am bràithrean, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thàinig iad a rèir àithne an rìgh ann am briathran an Tighearna, a ghlanadh taigh an Tighearna.

Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh.

Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean-loisgte do thaigh an Tighearna.

Agus deasaichibh sibh fhèin a rèir taigh ur n‑athraichean, a rèir ur roinnean, mar a sgrìobh Daibhidh rìgh Israeil, agus mar a sgrìobh Solamh a mhac;

Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);

Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan