Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 5:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus shuidhich mi an sin an àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri cloinn Israeil.

A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.

Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair-thròcair air an àirc os a cionn.

Is iad sin briathran a’ choicheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dhèanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr Mhòaib, a thuilleadh air a’ choicheangal a rinn e riu ann an Hòreb.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan