Agus aig a’ chùirt mhòir mun cuairt bha trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair: air an dòigh cheudna aig cùirt a‑staigh taigh an Tighearna, agus aig sgàth-thaigh an taighe.
Agus nì thu cùirt a’ phàillein air an taobh deas, ri deas: bidh cùirteanan airson na cùirte de anart grinn toinnte; ceud làmh-choille am fad, air aon taobh.
A‑nis nuair a chuir e crìoch air tomhas an taighe a‑staigh, thug e a‑mach mi a‑chum a’ gheata, a tha ag amharc ris an àird an ear, agus thomhais e mun cuairt e.