Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.
Anns an là sin, bidh air cluig nan each, Naomhachd don Tighearna: agus bidh na coireachan ann an taigh an Tighearna mar na cuachan fa chomhair na h‑altarach.
Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan.