Agus chuir e còig buinn air taobh na làimhe deise den taigh, agus còig air taobh na làimhe clìthe dheth: agus chuir e a’ mhuir air taobh na làimhe deise den taigh, a làimh na h‑àird an ear, fa chomhair na h‑àird a deas.
Agus na coinnleirean, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, air beulaibh a’ ghuth-àite, de òr fìorghlan; agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr:
Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte:
Eadhon an cudthrom a‑chum nan coinnleir òir, agus a‑chum an lòchranan òir, air chudthrom a‑chum gach coinnleir agus a lòchranan: a rèir feum gach coinnleir.
An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.
Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.
Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.