Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 4:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid, agus chuir e còig dhiubh air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, a dh’ionnlad annta: nithean na h‑ìobairt-loisgte nigh iad annta; ach bha a’ mhuir airson nan sagart, a dh’ionnlad innte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid umha: chumadh gach soitheach-ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan-coille anns gach soitheach-ionnlaid: chuireadh aon soitheach-ionnlaid air gach aon de na deich buinn.

Agus rinn Hiram na soithichean-ionnlaid, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus chuir Hiram crìoch air dèanamh na h‑obrach uile a rinn e do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna:

Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan-coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan-coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan-coille ar fhichead i mun cuairt.

Gu h‑iomlan ionnail mi om lochd, agus glan mi om pheacadh,

Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus bha na seòmraichean agus an dol a‑steach làimh ri puist nan geatachan, far an do nigh iad na tabhartasan-loisgte.

Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

B’fheumail uime sin gum biodh samhlaidhean nan nithean a tha anns na nèamhan air an glanadh leo seo; ach na nithean nèamhaidh fhèin le ìobairtean a b’fheàrr na iad seo:

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.

Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan