Agus foidhpe bha coslas dhamh, a chuartaich i mun cuairt, deich anns an làmh-choille a’ dol mu thimcheall na mara mun cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh nuair a thilgeadh i fhèin.
Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan-coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan-coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan-coille ar fhichead i mun cuairt.
Sheas i air dà‑dhamh-dheug, trì ag amharc gu tuath, agus trì ag amharc an iar, agus trì ag amharc gu deas, agus trì ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h‑àrd, agus bha a’ chuid-dheiridh dhiubh uile a‑staigh.
Airson coslas an aghaidhean, bha aca nan ceathrar aghaidh duine, agus aghaidh leòmhainn air an taobh deas; agus bha aca nan ceathrar aghaidh daimh air an làmh chlì: bha fòs aca nan ceathrar aghaidh iolaire.
Agus bha ceithir aodannan aig gach aon: aghaidh ceruib a’ chiad aodann, agus aghaidh duine an dara aodann, agus aghaidh leòmhainn an treas, agus aghaidh iolaire an ceathramh.
Agus bha an ciad bheò-chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò-chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò-chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò-chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich.