Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.
Gidheadh cha do rinneadh do thaigh an Tighearna cupain airgid, smàladairean, cuachan, trompaidean, soithichean òir air bith, no soithichean airgid air bith, den airgead a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna:
Agus na poitean, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na spàinean, agus na soithichean umha uile leis an do rinn iad frithealadh, thug iad leo.
Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair: an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na h‑innealan uile, chuir e am measg ionmhasan taigh Dhè.
Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.
Na coireachan fòs, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na cuachan, agus na liadhan, agus na h‑uile shoithichean umha, leis an do fhritheil iad, thug iad air falbh.