Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 4:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr, eadhon den òr a bu ghlaine;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bha seudar an taighe air an taobh a‑staigh geàrrte le cnapan, agus blàthan fosgailte: bu sheudar an t‑iomlan; cha robh clach ra faicinn.

Agus bhreac e ballachan an taighe uile mun cuairt le dealbhan geàrrte cheruban, agus chraobhan-pailme, agus bhlàthan fosgailte, a‑staigh agus a‑muigh.

Agus gheàrr e orra ceruban, agus craobhan-pailme, agus blàthan-fosgailte: agus chòmhdaich e iad le òr, cumte ris an obair gheàrrte.

Agus na coinnleirean maille rin lòchrain a‑chum gun loisgeadh iad a rèir a’ ghnàtha air beulaibh a’ ghuth-àite, de òr fìorghlan;

Agus na smàladairean; agus na cuachan, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan;

Agus bha leud boise air tighead innte, agus bha a bile air a dhèanamh mar bhile cupain, le blàthan lilidh: ghabh i agus chùm i trì mìle bat.

Agus anns a’ choinnleir bha ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille ri a chnapan agus a bhlàthan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan