Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 4:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na coinnleirean maille rin lòchrain a‑chum gun loisgeadh iad a rèir a’ ghnàtha air beulaibh a’ ghuth-àite, de òr fìorghlan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thog e ri balla an taighe seòmraichean mun cuairt, ri ballachan an taighe mun cuairt, araon an teampaill agus a’ ghuth-àit; agus rinn e frith-sheòmraichean mun cuairt.

Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub.

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

Agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr, eadhon den òr a bu ghlaine;

Agus rinn e deich coinnleirean òir, a rèir an cumaidh, agus chuir e iad anns an teampall, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì.

Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub:

Eisd ri guth m’athchuingean nuair a ghlaodhas mi riut, an uair a thogas mi mo làmhan a‑chum do ghuth-àite naoimh-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan