A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu.
Agus sholair Daibhidh iarann ann am pailteas a‑chum tàirngean do chòmhlaichean nan geatachan, agus a‑chum nan dlùthadh; agus umha ann am pailteas, gun tomhas;
An dà phost, an aon fhairge, agus an dà‑tharbh-dheug umha, a bha fo na buinn a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna, cha robh tomhas air umha nan soithichean seo uile.