Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 4:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ceithir cheud pomgranat don dà lìon-obair; dà shreath phomgranat do gach lìon-obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann, a bha air na puist.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bha cinn air an dà phost mar an ceudna gu h‑àrd, làimh ris a’ bhalg a bha air an taobh thall den lìon-obair: agus bha dà cheud pomgranat ann, nan sreathan mun cuairt air a’ cheann eile.

Agus chuir e suas na puist ann an sgàth-thaigh an teampaill: agus chuir e suas am post deas, agus thug e Iachin mar ainm air; agus chuir e suas am post clì, agus thug e Bòas mar ainm air.

An dà phost, agus dà chuairt nan ceann a bha air mullach an dà phuist; agus an dà lìon-obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post:

Agus ceithir cheud pomgranat don dà lìon-obair: dà shreath phomgranat do gach lìon-obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air na puist:

Agus rinn e slabhraidhean, mar anns a’ ghuth-àite, agus chuir e iad air mullach nam post; agus rinn e ceud pomgranat, agus chuir e iad air na slabhraidhean.

Eadhon an dà phost, agus na cuairtean, agus na cinn a bha air mullach an dà phuist, agus an dà lìon-obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post:

Tha do gheugan mar lios phomgranat, leis a’ mheas as taitniche; le croinn champhir maille ri preasan spiocnaird:

Agus bha sia-deug agus ceithir-fichead pomgranat air aon taobh, ceud pomgranat air an lìon-obair uile mun cuairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan