Agus rinn Huram na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan; agus chuir Huram crìoch air dèanamh na h‑obrach a rinn e do rìgh Solamh ann an taigh Dhè:
Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.
Agus o Thibat agus o Chun, bailtean Hadareseir, thug Daibhidh ro‑mhòran umha, leis an do rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha.
Eadhon an dà phost, agus na cuairtean, agus na cinn a bha air mullach an dà phuist, agus an dà lìon-obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post: