Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.
Agus chuir e còig buinn air taobh na làimhe deise den taigh, agus còig air taobh na làimhe clìthe dheth: agus chuir e a’ mhuir air taobh na làimhe deise den taigh, a làimh na h‑àird an ear, fa chomhair na h‑àird a deas.