2 Eachdraidh 36:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Na aghaidh-san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus cheangail e ann an geimhlean umha e, a‑chum a thoirt do Bhàbilon. Faic an caibideil |
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.