Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha Iehoiacim nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon-bhliadhna-deug ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia.
Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon-bhliadhna-deug Shedeciah mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos.
Am facal a labhair Ieremiah am fàidh ri Baruch mac Neriah, nuair a sgrìobh e na briathran seo ann an leabhar o bheul Ieremiah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, ag ràdh,
Agus thug an Tighearna Iehoiacim rìgh Iùdah da làimh, le cuid de shoithichean taigh Dhè, a thug e gu tìr Shìnair, gu taigh a dhè; seadh, thug e na soithichean gu taigh-tasgaidh a dhè.