Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 36:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn rìgh na h‑Eiphit Eliacim a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem, agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim. Agus ghabh Necho Iehoahas a bhràthair, agus thug e don Eiphit e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad mic Iosiah: an ciad-ghin Iohanan, an dara mac Iehoiacim, an treas mac Sedeciah, an ceathramh Salum.

Agus chuir rìgh na h‑Eiphit e o rìoghachadh ann an Ierusalem, agus chuir e ceud tàlann airgid, agus tàlann òir, mar ùnlagh air an tìr.

Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah mu thimcheall uile shluagh Iùdah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah; b’i sin ciad bhliadhna Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin:

Ann an toiseach linn Iehoiacim, mhic Iosiah rìgh Iùdah, thàinig am facal seo on Tighearna, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan