Agus chuir Phàraoh-necho e ann an cuibhrichean aig Riblah ann an tìr Hamait, a‑chum nach rìoghaicheadh e ann an Ierusalem: agus chuir e ceud tàlann airgid agus tàlann òir mar chìs air an tìr.
Agus rinn rìgh na h‑Eiphit Eliacim a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem, agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim. Agus ghabh Necho Iehoahas a bhràthair, agus thug e don Eiphit e.