Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 36:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, gus am mealadh an tìr a sàbaidean: rè na h‑ùine a bha i fàs, chùm i a sàbaidean, gus an do choileanadh trì-fichead agus deich bliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Briathran Ieremiah mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot ann am fearann Bheniàmin:

Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.

Oir mar seo deir an Tighearna, Nuair a choileanar ann am Bàbilon deich agus trì-fichead bliadhna, thig mise gur n‑amharc, agus coileanaidh mi dhuibh m’fhacal math, a‑chum ur toirt air ur n‑ais don àite seo.

Anns a’ chiad bhliadhna de a linn-san, thuig mise Daniel, le leabhraichean, àireamh nam bliadhnachan mun tàinig facal an Tighearna gu Ieremiah am fàidh gun coileanadh e, deich agus trì-fichead bliadhna anns am biodh Ierusalem na làraichean.

Trèigear mar an ceudna am fearann leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am feadh is a tha e na laighe fàs as an eugmhais; agus gabhaidh iad ri peanas an aingidheachd; a chionn, eadhon a chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus a chionn gun do ghabh an anam gràin dem reachdan.

An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dhèanamh air Ierusalem, agus air bailtean Iùdah, ris a bheil thu ann an corraich a‑nis deich agus trì-fichead bliadhna?

Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan