Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 36:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus loisg iad taigh Dhè, agus bhris iad sìos balla Ierusaleim, agus loisg iad a lùchairtean uile le teine, agus mhill iad a shoithichean taitneach uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon gach mallachadh a tha sgrìobhte anns an leabhar a leugh iad am fianais rìgh Iùdah;

An sin spìonaidh mise sibh as m’fhearann a thug mi dhuibh; agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus nì mi e na shamhladh agus na leth-fhacal am measg nan uile chinneach.

Agus thubhairt iad rium, Tha am fuidheall a dh’fhàgadh den bhraighdeanas an sin anns a’ mhòr-roinn ann an àmhghar mòr agus ann am mì‑chliù; agus bhriseadh balla Ierusaleim sìos, agus loisgeadh a geatachan le teine.

Agus thubhairt mi ris an rìgh, Gum maireadh an rìgh gu bràth: carson nach biodh mo ghnùis dubhach, nuair a tha am baile, àit-adhlacaidh m’athraichean, air fhàsachadh, agus a gheatachan air an caitheamh le teine?

A Dhè, thàinig na cinnich a‑steach dod oighreachd; thruaill iad do theampall naomh; dh’fhàg iad Ierusalem na cùirn.

Oir chuir iad as do Iàcob, agus rinn iad a àite-còmhnaidh na fhàsach.

Loisgeadh i le teine, ghearradh sìos i; le achmhasan do ghnùise sgriosar iad.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile seo airson uilc, agus chan ann airson maith, deir an Tighearna; do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine.

Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.

Agus thig na Caldèanaich a tha a’ cogadh an aghaidh na cathrach seo, agus cuiridh iad teine rithe, agus loisgidh iad i, maille ris na taighean air mullach an do loisg iad tùis do Bhàal, agus air an do dhòirt iad tabhartasan-dibhe a‑mach do dhiathan eile, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg.

Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.

Na earbaibh à briathran breugach, ag ràdh, Is teampall an Tighearna, teampall an Tighearna, teampall an Tighearna iad seo.

Cionnas a thàinig smal air an òr, a chaochail an t‑òr ro‑fhìnealta! Tha clachan an naomh-ionaid air an tilgeadh a‑mach air mullach gach aon sràide!

Uime sin, air ur son-se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.

A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan