Agus uile shoithichean taigh Dhè, mòr agus beag, agus ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan an rìgh agus a uachdaran, thug e leis uile do Bhàbilon.
Agus aig ceann na bliadhna chuir rìgh Nebuchadnesar daoine uaithe, agus thug e do Bhàbilon e, maille ri soithichean taitneach taigh an Tighearna; agus rinn e Sedeciah a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem.
Feuch, tha na làithean a’ teachd anns am bi gach nì a tha ann ad thaigh, agus a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air a ghiùlan air falbh gu Bàbilon; chan fhàgar nì air bith, deir an Tighearna.
Shìn an nàmhaid a‑mach a làmh air a h‑uile nithean taitneach; gu deimhinn chunnaic i cinnich a’ dol a‑steach da h‑ionad naomh, don d’àithn thusa nach rachadh iad a‑steach dod choitheanal.
An sin thug iad thuige na soithichean òir a thugadh à teampall taigh Dhè, a bha ann an Ierusalem; agus dh’òl an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.
Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.