2 Eachdraidh 36:15Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chuir an Tighearna, Dia an athraichean, fios dan ionnsaigh le làimh a theachdairean, ag èirigh gu moch, agus a’ cur uaithe; a chionn gu robh truas aige da shluagh, agus da àite-còmhnaidh. Faic an caibideil |
Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean.
Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh.