2 Eachdraidh 36:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil. Faic an caibideil |
Agus thug thu fianais nan aghaidh, a‑chum an toirt air an ais a dh’ionnsaigh do lagha; gidheadh, rinn iadsan gu h‑uaibhreach, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, ach pheacaich iad an aghaidh do bhreitheanas, nithean ma nì duine, bidh e beò annta; agus tharraing iad air falbh an gualann, agus chruadhaich iad am muineal, agus chan èisdeadh iad.