Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 36:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia; agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais Ieremiah am fàidh, a labhair o bheul an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah.

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.

Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.

Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Briathran Ieremiah mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot ann am fearann Bheniàmin:

Agus labhair mise ri Sedeciah rìgh Iùdah, a rèir nam briathran seo air fad, ag ràdh, Cuiribh ur muineil fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus thugaibh dha ùmhlachd, dha fhèin, agus da shluagh, agus mairibh beò.

Agus rinn e an nì sin a bha olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Iehoiacim.

Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.

Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan