Agus anns an naoidheamh bliadhna de a rìoghachadh, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a armailt uile, an aghaidh Ierusaleim, agus champaich e na aghaidh; agus thog iad daingnichean na aghaidh mun cuairt.
Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon-bhliadhna-deug Shedeciah mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos.
Agus thàrladh anns a’ bhliadhna sin fhèin, an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, anns a’ cheathramh bliadhna anns a’ chòigeamh mìos, gun do labhair Hananiah mac Asuir, am fàidh a bha o Ghibeon, riumsa ann an taigh an Tighearna, an làthair nan sagart agus an t‑sluaigh uile, ag ràdh,
Mar seo deir an Tighearna ris an rìgh a tha na shuidhe air cathair Dhaibhidh, agus ris an uile shluagh a tha a chòmhnaidh anns a’ bhaile seo, agus ri ur bràithrean nach deachaidh a mach leibh ann am braighdeanas;
Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus labhair ri Sedeciah rìgh Iùdah, agus abair ris, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus loisgidh e i le teine: