Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 36:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus aig ceann na bliadhna chuir rìgh Nebuchadnesar daoine uaithe, agus thug e do Bhàbilon e, maille ri soithichean taitneach taigh an Tighearna; agus rinn e Sedeciah a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem.

Feuch, tha na làithean a’ teachd, anns am bi na h‑uile nithean a tha ann ad thaigh, agus na h‑ionmhasan a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air an giùlan gu Bàbilon: chan fhàgar nì air bith, arsa an Tighearna.

Agus uile shoithichean taigh Dhè, mòr agus beag, agus ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan an rìgh agus a uachdaran, thug e leis uile do Bhàbilon.

Thug Nebuchadnesar mar an ceudna leis cuid de shoithichean taigh an Tighearna do Bhàbilon, agus chuir e iad na theampall ann am Bàbilon.

A thugadh air falbh o Ierusalem leis a’ bhraighdeanas a thugadh air falbh maille ri Ieconiah rìgh Iùdah, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh.

Agus ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo; agus bidh iad nan caillteanaich ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin.

Agus bheir mi seachad uile neart na cathrach seo, agus a h‑uile shaothair, agus a h‑uile nithean luachmhor; agus uile bheartas rìghrean Iùdah bheir mi thairis do làimh an naimhdean, a chreachas iad, agus a ghlacas iad, agus a bheir iad air falbh gu Bàbilon.

Agus bheir mi thu do làimh na muinntir a tha ag iarraidh d’anama, agus do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort, eadhon do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh nan Caldèanach.

Dh’fhoillsich an Tighearna dhomh, agus, feuch, dà chliabh fhìgean air an cur fa chomhair teampall an Tighearna, an dèidh do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, agus maithean Iùdah, agus an luchd-ealain, agus na h‑airm-cheàird, a thoirt air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem, agus an toirt leis gu Bàbilon:

Labhair mi cuideachd ris na sagartan, agus ris an t‑sluagh seo uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Na èisdibh ri briathran ur fàidhean a tha ri fàistneachd dhuibh, ag ràdh, Feuch, bheirear soithichean taigh an Tighearna air an ais o Bhàbiloin a‑nis gu h‑aithghearr; oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh.

An ceann dà bhliadhna iomlan bheir mise air an ais a‑chum an àite seo uile shoithichean taigh an Tighearna, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh on àite seo, agus a ghiùlain e gu Bàbilon.

Agus rìghich Sedeciah mac Iosiah ann an àite Choniah mhic Iehoiacim, a rinn Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin na rìgh ann am fearann Iùdah.

Air a’ chòigeamh là den mhìos (b’i sin an còigeamh bliadhna de bhruid rìgh Iehoiacin),

Abair a‑nis ris an taigh cheannairceach, Nach eil fhios agaibh ciod as ciall do na nithean seo? Innis dhaibh, Feuch, tha rìgh Bhàbiloin air teachd gu Ierusalem, agus ghlac e a rìgh, agus a prionnsachan, agus thug e leis iad gu Bàbilon:

Agus dh’fhàs e, agus thàinig e gu bhith na fhìonain leathainn, air bheag àirde, aig an robh a geugan air an tionndadh ris an fhìor-eun, agus aig an robh a freumhan foidhpe: mar sin dh’fhàs e na fhìonain, agus thug e a‑mach geugan, agus chuir e uaithe meangain.

Dh’àithn Belsasar, nuair a bhlais e am fìon, na soithichean òir agus airgid a thug a athair Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem a thoirt da ionnsaigh, a‑chum gun òladh an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Agus nì iad sgeig air rìghrean, agus bidh prionnsachan nan cùis-mhagaidh dhaibh: nì iad fanaid air gach daingneach làidir; agus cruachaidh iad suas talamh, agus glacaidh iad e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan