Na làithean-san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus bha Iehoiacim na sheirbhiseach aige trì bliadhna: an sin thill e agus rinn e ceannairc na aghaidh.
Oir mar seo deir Iehòbhah mu thimcheall Shaluim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, a rìghich an àite Iosiah a athair, a chaidh a‑mach as an àite seo, Cha till e thuige nas mò:
Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich.