Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 35:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.

Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.

Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

Agus thug Iosiah don t‑sluagh caoraich, uain agus minn, iad uile airson ìobairtean-càisge dhaibhsan uile a bha an làthair, gu ruig deich-mìle-fichead ann an àireamh, agus trì mìle damh: iad sin de mhaoin an rìgh.

Agus neartaich iadsan uile a bha mun cuairt dhaibh an làmhan le soithichean airgid, le òr, le maoin, agus le ainmhidhean, agus le nithean luachmhor, a thuilleadh air gach nì a thugadh seachad le saor-thoil.

Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr-roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor-thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor-thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem:

Thig eadhon nighean Thìruis le tìodhlac; aslaichidh daoine saoibhir an t‑sluaigh do dheagh-ghean.

Gun tug ceannardan Israeil, cinn taighean an athraichean (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh), seachad tabhartas:

Agus am feadh a bha iad a’ labhairt ris an t‑sluagh, thàinig orra na sagartan, agus ceannard an teampaill, agus na Sadusaich;

An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo).

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan