Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 35:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Iosiah don t‑sluagh caoraich, uain agus minn, iad uile airson ìobairtean-càisge dhaibhsan uile a bha an làthair, gu ruig deich-mìle-fichead ann an àireamh, agus trì mìle damh: iad sin de mhaoin an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’ìobair Solamh ìobairt thabhartas-sìthe, a dh’ìobair e don Tighearna, dà mhìle ar fhichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: mar sin choisrig an rìgh, agus clann Israeil uile, taigh an Tighearna.

Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,

Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

Cuibhreann an rìgh mar an ceudna de a mhaoin, airson nan ìobairt-loisgte, airson ìobairt-loisgte na maidne agus an fheasgair, agus ìobairt-loisgte nan sàbaid, agus nan gealach nodha, agus nam fèill suidhichte, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna.

Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh.

Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e.

Mar an treud naomh, mar threud Ierusaleim na fèillean àrda: mar sin bidh na bailtean fàs air an lìonadh le treudan dhaoine; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan