2 Eachdraidh 35:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois. Faic an caibideil |
Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.
Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.