Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeis, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi; oir tha mi air mo lotadh.
Agus chaidh rìgh Ioram air ais gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha ann an Ramot, nuair a chog e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria: agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.
Agus tharraing Iehu bogha le a uile neart, agus bhuail e Ioram eadar a ghàirdeanan, agus chaidh an t‑saighead a‑mach tro a chridhe, agus chrom e sìos na charbad.
Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeas, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi: oir tha mi leònte.
Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido.
Agus thug a sheirbhisich e as a’ charbad sin, agus chuir iad e anns an dara carbad a bha aige; agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlaic a athraichean: agus rinn Iùdah agus Ierusalem uile caoidh airson Iosiah.