Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 35:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mharbh iad a’ chàisg, agus chrath na sagartan an fhuil len làimh, agus dh’fhionn na Lèbhithich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

Agus sheas iad nan àit a rèir an riaghailt, a rèir lagh Mhaois, òglach Dhè: agus chrath na sagartan an fhuil a ghabh iad o làimh nan Lèbhitheach.

Agus chùm Iosiah ann an Ierusalem càisg don Tighearna: agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos.

Agus thug iad air falbh na h‑ìobairtean-loisgte, a‑chum gun tugadh iad seachad a rèir roinnean teaghlaichean an t‑sluaigh, a dh’ìobradh don Tighearna, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois: agus mar sin rinn iad ris a’ bhuar.

Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin.

Agus gleidhidh iad do chùram-sa, agus cùram a’ phàillein uile: a‑mhàin cha tig iad am fagas do shoithichean an ionaid naoimh agus don altair, a‑chum is nach faigh aon chuid iadsan no sibhse bàs.

Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan