Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an t‑àrd-shagart, agus do shagartan an dara òrdaigh, agus do luchd-gleidhidh an dorais, na soithichean uile a rinneadh do Bhàal, agus don doire, agus do uile armailt nèimh, a thoirt a‑mach à teampall an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a‑muigh de Ierusalem ann am machraichean Chidroin, agus ghiùlain e an luath gu Betel.

Agus chaidh na gillean-ruith thairis o bhaile gu baile, air feadh tìr Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanaid orra, agus a’ dèanamh ball-magaidh dhiubh.

Oir cha do ghlan mòran den t‑sluagh, mòran de Ephraim, agus de Mhanaseh, de Isachar, agus de Shebulun iad fhèin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a tha e sgrìobhte.

Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.

Agus thug iad e do làimh luchd-dèanamh na h‑obrach, a chuireadh os cionn taigh an Tighearna, agus thug iadsan e don luchd-obrach a dh’obraich ann an taigh an Tighearna, a chàradh agus a leasachadh an taighe:

Agus dh’innis Saphan an sgrìobhaiche don rìgh, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh. Agus leugh Saphan e an làthair an rìgh.

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah, agus do Ahicam mac Shapain, agus do Abdon mac Mhicah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asaiah, seirbhiseach an rìgh, ag ràdh,

Agus chaidh Hilciah agus iadsan a dh’òrdaich an rìgh gu Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim, mhic Thicbhah, mhic Hasrah, fear-ghleidhidh an aodaich; (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem ann an oilthaigh;) agus labhair iad rithe mar sin.

Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh.

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan