Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an ochdamh-bliadhna-deug de a rìoghachadh, nuair a ghlan e an tìr agus an taigh, chuir e Saphan mac Asaliah, agus Maaseiah uachdaran a’ bhaile, agus Ioah mac Ioahais an seanchaidh, a chàradh taigh an Tighearna a Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus bha Adoram os cionn na cìse: agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh:

Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

An sin thubhairt rìgh Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon, uachdaran a’ bhaile, agus gu Iòas mac an rìgh;

Agus thug an rìgh agus Iehoiada e dhaibhsan a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, agus thuarasdalaich iad luchd-snaithidh chlach agus saoir a chàradh taigh an Tighearna, agus mar an ceudna luchd-obrach ann an iarann agus ann an umha a dhèanamh suas taigh an Tighearna.

Agus chruinnich e ri chèile na sagartan agus na Lèbhithich, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑mach do bhailtean Iùdah, agus cruinnichibh o Israel uile airgead a chàradh taigh ur Dè o bhliadhna gu bliadhna, agus faicibh gun dèan sibh cabhag anns a’ ghnothach. Gidheadh cha do rinn na Lèbhithich cabhag.

Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, nuair a chuir an rìgh Sedeciah da ionnsaigh Pasur mac Mhelciah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, ag ràdh,

O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh.

Gidheadh bha làmh Ahicaim mhic Shaphain le Ieremiah, a‑chum nach biodh e air a thoirt thairis do làimh an t‑sluaigh, gu a chur gu bàs.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, a‑thaobh Ahaib mhic Cholaiah, agus Shedeciah mhic Mhaaseiah, a tha a’ fàistneachd brèige dhuibh ann am ainm-sa, Feuch, bheir mise thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus marbhaidh esan iad fa chomhair ur sùl;

Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, A chionn gun do chuir thu litrichean ann ad ainm a‑chum an uile shluaigh a tha ann an Ierusalem, agus a‑chum Shephaniah mhic Mhaaseiah an sagart, agus a-chum nan sagart air fad, ag ràdh,

Le làimh Elasah mhic Shaphain, agus Ghemariah mhic Hilciah (a chuir Sedeciah rìgh Iùdah do Bhàbilon, gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin), ag ràdh,

An sin leugh Baruch anns an leabhar briathran Ieremiah ann an taigh an Tighearna, ann an seòmar Ghemiriah mhic Shaphain an sgrìobhaiche, anns a’ chùirt uachdaraich, aig dol a‑steach geata nuadh taigh an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile.

Chuir eadhon iadsan fios, agus thug iad Ieremiah a‑mach à cùirt a’ phrìosain, agus thug iad e do Ghedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, gu a thoirt dhachaigh: mar sin ghabh e còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.

Air an dòigh cheudna nuair a chuala na h‑uile Iùdhaich a bha ann am Mòab, agus am measg nan Amonach, agus ann an Edom, agus a bha anns na h‑uile dhùthchannan, gun d’fhàg rìgh Bhàbiloin fuidheall de Iùdah, agus gun do chuir e os an cionn Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain;

Agus sheas nan làthair deich agus trì-fichead fear de sheanairean taigh Israeil, agus nam meadhon sheas Iaasaniah mac Shapain, gach fear le a thùiseir na làimh, agus neul tiugh tùise a’ dol suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan