Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad a‑mach na dealbhan à taigh Bhàail, agus loisg iad iad.

Os bàrr, an altair a bha aig Betel, agus an t‑àit àrd a rinn Ierobòam mac Nebait, a thug air Israel peacachadh, araon an altair agus an t‑àit àrd; agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus loisg e an doire.

Agus mar an ceudna, uile thaighean nan àitean àrda a bha ann am bailtean Shamaria, a rinn rìghrean Israeil a bhrosnachadh an Tighearna gu feirg, thug Iosiah air falbh, agus rinn e a rèir nan uile ghnìomh a rinn e ann am Betel.

Agus rinn Asa an nì a bha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia:

Chuir e air falbh mar an ceudna à uile bhailtean Iùdah na h‑àitean àrda, agus na dealbhan. Agus bha an rìoghachd sàmhach na làthair.

Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.

Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah, nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ann an Ierusalem aon-bhliadhna-deug ar fhichead.

Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.

Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan.

Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.

Agus brisear a dealbhan snaidhte gu lèir nam bloighdean, agus loisgear a tuarasdal gu lèir le teine, agus an t‑iomlan de a h‑iodhalan leagaidh mise sìos nan làraich: oir de thuarasdal strìopaich chruinnich i a h‑ionmhasan; agus gu tuarasdal strìopaich tillidh iad.

Agus ghabh mi ur peacadh, an laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, eadhon gus an do rinneadh mìn e mar dhuslach; agus thilg mi a dhuslach anns an t‑sruth a thàinig a‑nuas on t‑sliabh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan