Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna ann am bailtean Mhanaseh, agus Ephraim, agus Shimeoin, eadhon gu ruig Naphtali, nan àitean fàsaichte mun cuairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil.

Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.

Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.

Agus air na h‑uile chnocan a bhios air an ruamhradh leis a’ chaibe, cha tig eagal sgithich no droighnich; ach bidh e na àirigh dhamh, agus na ionaltradh meanbh-chruidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan