Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus loisg e cnàmhan nan sagart air an altairean, agus ghlan e Iùdah agus Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am facal an Tighearna, agus thubhairt e, O altair, altair! mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, beirear mac do thaigh Dhaibhidh, don ainm Iosiah, agus ìobraidh e ortsa sagartan nan àitean àrda a loisgeas tùis ort, agus loisgear cnàmhan dhaoine ort.

Agus nuair a thionndaidh Iosiah mun cuairt, chunnaic e na h‑uaighean a bha an sin anns an t‑sliabh, agus chuir e daoine uaithe, agus thug e na cnàmhan as na h‑uaighean, agus loisg e iad air an altair, agus thruaill e i, a rèir facal an Tighearna, a labhair òglach Dhè a chuir an cèill na briathran seo.

Agus mharbh e uile shagartan nan àitean àrda a bha an sin air na h‑altairean, agus loisg e cnàmhan dhaoine orra, agus thill e gu Ierusalem.

Agus chuir Iosiah air falbh na gràinealachdan uile as na tìrean uile a bhuineadh do chloinn Israeil, agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Israel seirbhis a dhèanamh don Tighearna an Dia. Rè a làithean uile cha do chlaon iad o leantainn an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem.

Agus fòs an dèidh seo uile cha do thill a piuthar fhealltach Iùdah riumsa le a h‑uile chridhe, ach gu cealgach, deir an Tighearna.

Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?

A mhic an duine, abair ris an fhearann, Is tusa am fearann nach eil air d’uisgeachadh, air nach do thuit frasachd ann an là na dian-fheirge.

Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan