2 Eachdraidh 34:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh. Faic an caibideil |
Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.