Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus fir Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus na sagartan agus na Lèbhithich, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr; agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus daoine Iùdah uile, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim maille ris, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr: agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna.

Agus dh’àithn an rìgh don t‑sluagh uile, ag ràdh, Cumaibh a’ chàisg don Tighearna ur Dia, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar a’ choicheangail seo.

A‑nis dh’àithn rìgh Shiria do cheannardan nan carbad a bha aige, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil a‑mhàin.

Agus fhreagair Hilciah, agus thubhairt e ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna. Agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon gach mallachadh a tha sgrìobhte anns an leabhar a leugh iad am fianais rìgh Iùdah;

Agus sheas an rìgh na àite fhèin, agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh e an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh e a àitheantan, agus a theisteis agus a reachdan, le a uile chridhe agus le a uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

Tha am beag agus am mòr an sin; agus an seirbhiseach saor o a mhaighistir.

Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.

Bha mise an Searmonaiche am rìgh air Israel ann an Ierusalem.

Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach nam meadhon nuair a thèid iad a‑steach; agus nuair a thèid iad a‑mach, thèid e a‑mach.

Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh-sa, agus èisdidh mise rithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan