Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a‑thaobh rìgh Iùdah, a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A‑thaobh nam briathar a chuala tu,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ach ri rìgh Iùdah a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, A‑thaobh nam briathran a chuala tu,

Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon-sa, agus air an son-san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iùdah, a‑thaobh briathran an leabhair a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a‑mach oirnn, a chionn nach do choimhead ar n‑athraichean facal an Tighearna, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

Agus fhreagair i iad, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Innsibh don duine a chuir sibh am ionnsaigh-sa,

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh; uime sin taomar m’fhearg a‑mach air an àite seo, agus cha mhùchar i.

A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan