Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh; uime sin taomar m’fhearg a‑mach air an àite seo, agus cha mhùchar i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh: uime sin lasaidh m’fhearg an aghaidh an àite seo, agus cha mhùchar i.

Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna),

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil-eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

Ach a‑thaobh rìgh Iùdah, a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A‑thaobh nam briathar a chuala tu,

Ach nuair a bhrosnaich ar n‑athraichean Dia nèimh gu feirg, thug e thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, an Caldèanach, a sgrios an taigh seo, agus a thug an sluagh leis do Bhàbilon.

Air an adhbhar sin dhòirt e air teas a chorraich, agus neart a’ chatha; agus dh’fhadaich e teine mun cuairt dha, ach cha do thuig e; agus loisg e e, gidheadh cha tug e fa‑near.

An sin freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna an Dia, agus gun tug iad adhradh do dhiathan coimheach, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh.

Bithibh air ur timcheall-ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, dòirtear m’fhearg-sa agus mo dhian-chorraich a‑mach air an àite seo, air duine agus air ainmhidh, agus air craobhan na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh.

Gheàrr e as na dhian-fheirg adharc Israeil uile; tharraing e air a h‑ais a làmh dheas o aghaidh an nàmhaid; agus loisg e an aghaidh Iàcoib mar theine lasrach a loisgeas air gach taobh.

Lùb e a bhogha mar nàmhaid: thog e an àird a làmh dheas mar eascaraid, agus mharbh e na h‑uile òganaich a bha taitneach don t‑sùil; ann am pàillean nighean Shioin thaom e a‑mach a chorraich mar theine.

Choilean an Tighearna a chorraich; thaom e a‑mach a dhian-fhearg, agus las e teine ann an Sion, agus loisg e sin a bunaitean.

Agus chì gach uile fheòil gur mise, an Tighearna, a las e: cha bhi e air a mhùchadh.

Air an adhbhar sin dhòirt mi orra mo chorraich, airson na fala a dhòirt iad air an fhearann, agus airson an iodhalan leis an do rinn iad a thruailleadh:

Iarraibh an Tighearna agus mairidh sibh beò; air eagal gum bris e mar theine air taigh Iòseiph, agus gun loisg e taigh Israeil, agus nach bi aon neach ann gu a mhùchadh.

Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan