Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon-sa, agus air an son-san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iùdah, a‑thaobh briathran an leabhair a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a‑mach oirnn, a chionn nach do choimhead ar n‑athraichean facal an Tighearna, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon-sa, agus airson an t‑sluaigh, agus airson Iùdah uile, a‑thaobh briathran an leabhair seo a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna a tha air lasadh nar n‑aghaidh, a chionn nach d’èisd ar n‑athraichean ri briathran an leabhair seo, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte dar taobh.

Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iùdah ceud agus fichead mìle ann an aon là, fir threuna uile; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean.

Uime sin bha fearg an Tighearna ri Iùdah agus ri Ierusalem, agus thug e thairis iad do thuairgne, do uamhann, agus do sgeig, mar a chì sibh le ur sùilean.

Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah, agus do Ahicam mac Shapain, agus do Abdon mac Mhicah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asaiah, seirbhiseach an rìgh, ag ràdh,

Agus chaidh Hilciah agus iadsan a dh’òrdaich an rìgh gu Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim, mhic Thicbhah, mhic Hasrah, fear-ghleidhidh an aodaich; (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem ann an oilthaigh;) agus labhair iad rithe mar sin.

Agus thubhairt Maois ra athair-cèile, Do bhrìgh gun tig an sluagh am ionnsaigh a dh’fhiosrachadh o Dhia.

Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son-ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn.

Agus thubhairt iad ri Ieremiah am fàidh, Biodh ar n‑athchuinge, guidheamaid ort, taitneach ann ad làthair, agus dèan ùrnaigh air ar son ris an Tighearna do Dhia, eadhon airson an iarmaid seo uile (oir cha d’fhàgadh dhinn ach beagan de mhòran, mar tha do shùilean gar faicinn),

Agus, feuch, ma ghineas esan mac a chì na h‑uile lochdan a rinn a athair, agus gun toir e fa‑near, agus nach dèan e an leithid;

Air an adhbhar sin dhòirt mi orra mo chorraich, airson na fala a dhòirt iad air an fhearann, agus airson an iodhalan leis an do rinn iad a thruailleadh:

Oir tha fearg Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhì-dhiadhachd, agus eucoir dhaoine, a tha a’ bacadh na fìrinn ann an neo-fhìreantachd:

A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha.

Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort.

(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan