Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah, agus do Ahicam mac Shapain, agus do Abdon mac Mhicah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asaiah, seirbhiseach an rìgh, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an sagart, agus do Ahicam mac Shaphsain, agus do Achor mac Mhicaiah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asahiah seirbhiseach an rìgh, ag ràdh,

Agus os cionn an t‑sluaigh a dh’fhàgadh ann an tìr Iùdah, a dh’fhàg Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, eadhon os an cionn-san, chuir e Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain.

Agus nuair a chuala an rìgh briathran an lagha, reub e a aodach.

Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon-sa, agus air an son-san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iùdah, a‑thaobh briathran an leabhair a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a‑mach oirnn, a chionn nach do choimhead ar n‑athraichean facal an Tighearna, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

Agus chuir an rìgh Iehoiacim daoine Eiphiteach, Elnàtan mac Achboir, agus iadsan a bha leis, don Eiphit;

Gidheadh bha làmh Ahicaim mhic Shaphain le Ieremiah, a‑chum nach biodh e air a thoirt thairis do làimh an t‑sluaigh, gu a chur gu bàs.

Chuir eadhon iadsan fios, agus thug iad Ieremiah a‑mach à cùirt a’ phrìosain, agus thug iad e do Ghedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, gu a thoirt dhachaigh: mar sin ghabh e còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.

Agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gu cinnteach gun do chuir Bàalis, rìgh nan Amonach, Ismael mac Netaniah a‑chum do mharbhadh? Ach cha do chreid Gedaliah mac Ahicaim iad.

An sin chaidh Ieremiah gu Gedaliah mac Ahicaim, gu Mispah, agus ghabh e còmhnaidh leis, am measg an t‑sluaigh a dh’fhàgadh anns an fhearann.

Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhaibhsan, agus dan daoine, ag ràdh, Na biodh eagal oirbh gèill a thoirt do na Caldèanaich; gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus thugaibh gèill do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan