Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an slighean Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.
Agus gun do reub mi an rìoghachd o thaigh Dhaibhidh agus gun tug mi dhutsa i; agus gidheadh nach robh thu mar m’òglach Daibhidh, a ghlèidh m’àitheantan, agus a lean mi le a uile chridhe, a dhèanamh an nì sin a‑mhàin a bha ceart ann am shùilean-sa;
A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.
Agus bha an Tighearna maille ri Iehosaphat, a chionn gun do ghluais e ann an ciad shlighean Dhaibhidh a athair, agus nach d’iarr e a dh’ionnsaigh Bhàalim;
Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara-bliadhna-deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte.
A rèir breith an lagha a theagaisgeas iad dhut, agus a rèir a’ bhreitheanais a dh’innseas iad dhut, nì thu: cha chlaon thu on bhreith a nochdas iad dhut, a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe.
A‑chum nach bi a chridhe air a thogail suas os cionn a bhràithrean, agus nach claon e on àithne a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe; air chor is gum buanaich e a làithean na rìoghachd, e fhèin agus a chlann ann am meadhon Israeil.
Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh.
A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.
Bithibh-se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe: