Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.
Chruinnich iad an t‑airgead a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus thug iad e do làimh an luchd-amhairc-thairis, agus do làimh luchd-dèanamh na h‑obrach.
Agus bidh e aige, agus leughaidh e ann, uile làithean a bheatha: a‑chum gum fòghlaim e eagal an Tighearna a Dhia a bhith air, uile bhriathran an lagha seo a ghleidheadh, agus na reachdan seo, a‑chum an dèanamh:
Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.