Agus fhreagair Hilciah, agus thubhairt e ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna. Agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan.
Agus thubhairt Hilciah an t‑àrd-shagart ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna: agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan, agus leugh e e.
Agus nuair a bha iad a’ toirt a‑mach an airgid a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna, fhuair Hilciah an sagart leabhar lagh an Tighearna le làimh Mhaois.
Agus thug Saphan an leabhar a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’aithris e an gnothach don rìgh, ag ràdh, Gach nì a dh’àithneadh dod sheirbhisich, tha iad a’ dèanamh.
Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus fir Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus na sagartan agus na Lèbhithich, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr; agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna.
Agus chruinnich an sluagh uile an ceann a chèile mar aon duine don t‑sràid a tha fa chomhair geata an uisge: agus dh’iarr iad air Esra an sgrìobhaiche e a thoirt an làthair leabhar lagh Mhaois, a dh’àithn an Tighearna do Israel.
Agus nuair a shuidheas e air rìgh-chathair a rìoghachd, an sin ath-sgrìobhaidh e dha fhèin an lagh seo ann an leabhar, as an leabhar sin a tha an làthair nan sagart, na Lèbhithich.