Agus nuair a bha iad a’ toirt a‑mach an airgid a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna, fhuair Hilciah an sagart leabhar lagh an Tighearna le làimh Mhaois.
Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.
Dh’àithn e cuideachd don t‑sluagh a bha a chòmhnaidh ann an Ierusalem gun tugadh iad seachad cuibhreann nan sagart agus nan Lèbhitheach a‑chum gum biodh iad air an daingneachadh ann an lagh an Tighearna.
Agus fhreagair Hilciah, agus thubhairt e ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna. Agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan.
Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim.
Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.
Cionnas a their sibh, Tha sinn glic, agus tha reachd an Tighearna nar measg? Feuch, gu deimhinn is dìomhanas obair na cleit-sgrìobhaidh, chan eil anns na sgrìobhaichean ach dìomhanas.
Is iad sin na h‑òrdaighean, agus na breitheanais, agus na reachdan, a rinn an Tighearna eadar e fhèin agus clann Israeil, ann an sliabh Shinài, le làimh Mhaois.
Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.