Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn na daoine an obair gu fìrinneach: agus b’iad an luchd-amhairc thairis orra Iahat agus Obadiah, na Lèbhithich, de mhic Mherari; agus Sechariah agus Mesulam, de mhic nan Cohatach, a chur na h‑obrach air a h‑aghaidh; mar an ceudna de na Lèbhithich gach neach a bha eòlach air innealan-ciùil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.

Os bàrr, cha tug iad air na daoine, an làimh an tug iad an t‑airgead a‑chum a thoirt don luchd-obrach, cunntas a thoirt seachad: oir rinn iadsan gu fìrinneach.

Gidheadh cha do rinneadh cunntas riu a‑thaobh an airgid a thugadh dan làimh, a chionn gun do rinn iad gu h‑ionraic.

Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan:

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear-riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge.

Agus sheas Iesua, agus a mhic agus a bhràithrean, Cadmiel agus a mhic, agus mic Iùdah mar aon duine, a ghreasadh an luchd-obrach an taigh Dhè: mic Henadaid agus am mic agus am bràithrean, na Lèbhithich.

Thug mi àithne dom bhràthair Hanani, agus Hananiah uachdaran na lùchairt, a‑thaobh Ierusaleim (oir bha e na dhuine fìrinneach, agus eagal Dhè air os cionn mhòrain);

Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach.

Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.

Os bàrr iarrar ann an stiùbhardan gum faighear neach dìleas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan